Fèin-aithne

Fèin-Aithne an Aberystwyth

Episode 2 Fèin-Aithne an Aberystwyth

ADVERTISEMENT

Summary

Am prògram mu dheireadh ann an sreath a' beachdachadh air fèin-aithne Ghàidheil a tha an-diugh a' fuireach thall-thairis, ann an saoghal far a bheil crìochan eadar-nàiseanta ag atharrachadh. Sa phrògram sa tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' crìochnachadh a chuairt sa Chuimrigh le Peadar Ó Muircheartaigh, Èireannach a tha ag obair aig Oilthigh Aberystwyth. Tha Peadar a' toirt cothrom do Choinneach a thighinn a-steach air na clasaichean Gàidhlig agus Cuimris a tha a' dol air làrach an oilthighe, agus cluinnidh sinn beachdan oileanaich bho air feadh na Roinn Eòrpa, agus nas fhaide air falbh, mu fhèin aithne. Agus tha Peadar cuideachd ag innse mar a tha sgaraidhean agus coimeasan follaiseach eadar Ceiltich na Cuimrigh agus Ceiltich nan dùthchannan Gàidhealach nuair a tha thu a' fuireach nam measg. Cò ris a tha e coltach a bhith a' fuireach ann am baile far a bheil fèin-aithne agus cànan na Cuimrigh cho làidir? Cluinnidh sinn bho Pheadar mar a tha e air a bheachdansan mu cho Gàidhealach is a tha e a dhaingneachadh, agus gheibh sinn a bheachdan air fèin-aithne san fharsaingeachd.
Education