Sruth an Eolais

Guthan mo Chàirdean le Essie Stiùbhart

Guthan mo Chàirdean le Essie Stiùbhart

ADVERTISEMENT

Summary

Fad 2021 tha sinn a' comharrachadh 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a chlàradh le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001. Tha Essie Stiùbhart a’ toirt thugainn taghadh de na chlàr a màthair, Màiri agus a seanair Ali Dall a rugadh ann a 1882 aig Albhain, baile beag deich mìle à Ulapul. Rugadh Essie an Edderton agus thogadh i còmhla ris an teaghlach Stiùbhart ann an Luirg. 'S e luchd-siubhail a bh' annta a bh' air a' rathad bhon Chàisg gu faisg air Oidhche Shamhna. Bha a seanair Ali Dall sònraichte math air sgeulachdan, air a’ phìob agus air seinn. Thàinig Hamish Henderson bho Sgoil Eòlais na h-Alba dha chlàradh an toiseach ann an 1955 agus ann an 1957 bha e còmhla riutha fad an t-samhraidh; 'duine mòr is bogsa beag’, mar a thuirt a co-ogha mu dheidhinn. Fhuair e inneal clàraidh a bha ag obrachadh leis an dealan agus bhiodh iad a’ clàradh ann an taighean-òsta. Lean Hamish agus an t-Ameireaganach Bobby Botsford an teaghlach tro Chataibh a' clàradh aca a h-uile là. Bhàsaich màthair Essie, Màiri Stìubhart, neo Micky mar a bh’ aig a h-uile duin’ oirre, agus i òg. Cluinnidh sinn i ag innse sgeulachd mu Rìgh na Fràinge a lorg iteag òir. Aig Ali Dall cluinndih sinn Ruidhleadh Cailleach Eachainn Mhòir, Turas Dhòmhnaill a Ghlaschu agus òran a rinn Rob Donn, Briogais Ruairidh. Gheibh sinn cuideachd criomag de stòiridh Oisein agus puirt air a' phìob.
Education